DÈ: Cearcall-còmhraidh Gàidhlig! ☕
CUIN: Disathairne, 16 an t-Samhan, 2-4f
CÀITE: Cafaidh @ Tramway, 1d làr
MA DHEIDHINN
Thigeamaid còmhla airson cabadaich sa Ghàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach.
Aig an tachartas seo, bidh sinn a' sheachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas 😉 Mar sin, tha an tachartas seo freagarrach do dhaoine a tha aig ìre eadar-mheadhanach (B1) na Gàidhlig no nas àirde, no a tha fileanta.
'S e cafaidh ealain a th' ann an Tramway. Tha e suidhichte ann an Glaschu a deas, ri taobh an stèisein "Pollokshields an Ear" (Pollokshields East). Ruigidh thu Tramway air an trèan no air a' bhus 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll).
Thèid deochan is biadh a reic leis a' chafaidh fhèin, mar sin, nach ceannaich sibh rudeigin airson taic a thoirt dhaibh.